GF109i03 ÒRAN AIR IAGAN NÌLL (MACÌOSAIG) Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Seo agad facal no dhà eile de sheann òran mu dhéidhinn Iagan Nìll an Cùl na Beinneadh shuas aig àit' Beinn Alasdair Bhàin. [Séist:] 'S tha mi 'n-diugh gu tinn, 'S bha mi a-raoir ag òl, Le goirteas mo chinn, Chan eil mi air dòigh, Tha mi 'n-diugh gu tinn, 'S bha mi a-raoir ag òl. 'S o, Iain Mór na feusaig' Nach robh riamh 'na éiginn Lìon dhomh fhìn is dhut fhéin i 'S o, gun gabh sinn dram. Bha faclan eile mu dhéidhinn: 'S bha sinn uile gu léir ann, 'S o, taidhm mhath againn du dearbh, Peigi dèanamh tì dhomh, 'S bha mi 'n dùil a dìobhairt ged bha mi 'ga òl. Tha mi 'creidsinn gun dèan sibh a-mach an aon chuid a rinn esan dhe siud, 's ann mu dhéidhinn Peigi a' dèanamh an tì. Tha an còrr dheth car gròigeach.