Bho 'n na fhuair mi dha 'n ghleann
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF107i02 BHO NA FHUAIR MI DHA NA GHLEANN
Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis
Bàrd: Somhairle Aonghais | Sam Nicholson
[Murdoch Gillis:] [Séist:] Éirich agus thiugainn ò,
Éirich agus thiugainn ò,
Éirich agus thiugainn ò,
A-nunn á Ghleann nan Sgitheanach.
Bho na fhuair mi dha na ghleann,
Bha dùil agam ri fuireach ann,
'S nuair a thig Jessie is a' chlann,
Gun dèan sinn geamhradh chridheil dheth.
Far na dh'fhàg mi Bheinn a' Tuath,
Thàinig ruadhadh na mo ghruaidh,
'S bho nach dh'atharraich mi snuadh,
Cha téid mi tuath gu [bith-bhuan?] ann.
Tha mi seo gun móran spréidh,
Ach am mart bàn leatha fhéin,
Cho fad 's a chluinneas mi geum,
Gun cùm siud fhéin mo mhisneach rium.
Tha mi seo measg dhaoine cóir,
Dòmhnall, Eachainn, agus Eòin,
Maoileas is Nèill is Calum Mór,
Is Dòimhngean agus Finlay.
'S théid a-nisd an ùine gheàrr,
Daoine air chéilidh mar a b' abhaist,
Bheir sinn greis air cainnt nam bàrd,
Gu h-àraid ma bhios Jimmy ann.
Sin na tha air cuimhn' agam.
[John Shaw:] Seadh.