Back to recordings

Dh'òlainn deoch á làimh mo rùin

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF026i03 DH'ÒLAINN DEOCH Á LÀIMH MO RÙIN


Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod




Chì mi long a mach an caolas,
Tha mo ghaol innte fo siùil.


[Séist:] Dh'òlainn deoch á làimh mo rùin,
Deoch slàinte le Fear an Tùir;
Dh'òlainn deoch á làimh mo rùin.


Nuair a chunnaic mi air sàl i
Dh'aithnich mi 'n long bhàn 's an criù.


Dh'aithnich mi fo cuid bhratach,
A buill-bheirte 's a' chàirt-iùil.


Dh'òlainn deoch-slàinte mo thighearn',
Nuair a dh'fhiathaich e mi null.


Dh'òlainn deoch-slàinte Rìgh Sheumais,
M'eudail air MacDhòmhnaill Ghuirm.


'S dh'òlainn deoch slàint' MhicIllEathain,
Mac na mnatha choisinn cliù.


Sgiobair 'na shuidh air a hatch,
'S a' làmh a' sgapadh nan crùn.


Ged tha mi 'n seo an Cola,
B' e mo thoil a dhol a Rùm.


Rachainn ás a sin do dh'Uibhist
[Ach mo ghuidhe a dhol leam?]


Coimhead iomadh [gùn?] nam maighdeann,
Togadh na h-oighre air a glùin.


Reference sources:
Gaelic Songs in Nova Scotia, eds. Helen Creighton and C.I.N. MacLeod (1964), p. 208; Songs Remembered in Exile, ed. John Lorne Campbell (1990), p. 124; MacDonald Collection of Gaelic Poetry, eds. Revs. A. and A. MacDonald (1911) p. 340

Malcolm Angus MacLeod
Còmhnard nam Frangach | Birch Plain 12 recordings Faic pròifil | view profile