GF106i05 MO CHRIDHE TROM, ‘S DUILICH LEAM Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley [Séist:] Mo chridhe trom, 's duilich leam 'S muladach a tha mi Gun d'thug mo leannan cùlaibh rium Té ùr, cha téid na h-àite. 'S na brògan fhuair mi 'n-uiridh dhut 'N àm curachd a' bhuntàta Cha ruig fear eile innse dhomh Gun cualas fuath dh’an àite. 'S a' chiad uair chaidh mi 'choimhead ort 'S a dh'aithnich mi do nàdur Cha d'thug mi fiach na sweetie dhut 'S ann thug mi 'ad gad mhàthair. 'S a' chiad uair a chunnaic mi thu 'Nad shuidhe air d' uchd do bhàta G' e còig bliadhn' deug a dh' aois a bha thu A' ghaolainn, thug mi ghràdh dhut. Chan’ idir là seachdain ann Na idir là na Sàbaid Nach fhaic mi fhín a' ghruagach òg 'Dol suas gu taigh mo mhàthar. 'S e Lucy rinn na miotagan Cho slick 's a bha 'san àite Gun do chuir i soidhne nan Dòmhnallaich Nan òrdagan le sgàrlaid. 'S e mise ghabh an t-aithreachas 'San t-S`abainn 's an tàmailt An `uin’ a thug mi feitheamh riut 'S b’fhurasda leum d’fhàgail.