Back to recordings
Càit an caidil an nighneag a-nochd?
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF106i04 CÀIT AN CAIDIL AN NIGHNEAG A-NOCHD?
Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley
[Séist:] Càit' an caidil nìghneag a-nochd
Càit an caidil a' nìghneag
Far a' laigheadh luaidh mo chridhe
'S truagh nach robh mi fhín ann.
'S ann sgoltadh a' sgadain
Chuirinn-sa mo nìghneag
Thus' a' bleoghainn a' chrodh-bhuaile
Taobh a tuath Loch Ìle.
'S dh'fhaighneachd mi le facal spors
''Am pòsadh tu mi, nìghneag?''
Chrom i 'ceann, 's gun d'rinn i gàire
'''S mis', a' ghràdh, a nì sin.''
'S nuair a thàinig a' long mhór
Dh'fhàs mi tùrsach, cianail
Chaidh mi fhín air chnoc a b' àirde
Gus na dh'fhàg a miann mis'.
'S bha mi uaireigin dha 'n t-saoghal
Chrathainn cùl nan nìghneag
'S mór gum b’annsa leam an-dràst'
An dà, bhith an cùl na h-ìghne.