GF106i04 CÀIT AN CAIDIL AN NIGHNEAG A-NOCHD? Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley [Séist:] Càit' an caidil nìghneag a-nochd Càit an caidil a' nìghneag Far a' laigheadh luaidh mo chridhe 'S truagh nach robh mi fhín ann. 'S ann sgoltadh a' sgadain Chuirinn-sa mo nìghneag Thus' a' bleoghainn a' chrodh-bhuaile Taobh a tuath Loch Ìle. 'S dh'fhaighneachd mi le facal spors ''Am pòsadh tu mi, nìghneag?'' Chrom i 'ceann, 's gun d'rinn i gàire '''S mis', a' ghràdh, a nì sin.'' 'S nuair a thàinig a' long mhór Dh'fhàs mi tùrsach, cianail Chaidh mi fhín air chnoc a b' àirde Gus na dh'fhàg a miann mis'. 'S bha mi uaireigin dha 'n t-saoghal Chrathainn cùl nan nìghneag 'S mór gum b’annsa leam an-dràst' An dà, bhith an cùl na h-ìghne.