GF106i03 'ILLE DHUINN, HÒ GÙ Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley [Séist:] 'Ille dhuinn, hò gù Hao ri ri 's na ho ro 'Ille dhuinn hò gù 'S théid mi 'mach moch DiLuain Leageadh tuagh ann am dhòrn 'S chan e simileir bhios ann 'S fheàrr le maighdeann a' stobh 'S nì mi figheadh 'san taigh Fichead troigh agus còrr Is bi mo làmh fo do cheann Is cha bhi maill orr’ a' phòg 'S bidh mi oidhche ri d' thaobh Dheànamh maill 's na bheil beò 'S 'ille dhuinn a' chinn duinn 'S e do ghràdh fhuair mi òg 'S 'ille dhuinn a' chinn bhàin 'S e do ghràdh rinn mo leòn 'S truagh nach mise 's mo ghràdh Bha an àrd bheinn a' cheò Far an cluinnte na féidh 'S far an éibh damh na cnoic 'S còta dearg 's boineid ghorm Deis' an airm rinn mo leòn