Òran le Lachlann Iain Bhàin mu each aige, Charlie
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF105i05 ÒRAN LE LACHLANN IAIN BHÀIN MU EACH AIGE, CHARLIE
Beulaiche: Gilleasbuig mac Ruairidh Chaluim Iain | Archie Rory MacDonald
Bàrd: Lachlann Iain Bhàin | Lachlan MacKinnon
[Séist:] O hu rithill a bha ho,
O hu rithill a bha ho,
Hao ri ri hi 's hog i ó,
Mo chridhe trom 's cha nàir dhomh.
'S cha b' e Tèarlaidh a rinn dhomh beum,
Nuair a bha e ruith 's a leum,
Ach mo bhrògan bhiodh gun fheum,
Bha té dhiubh bha 'na sroicean.
Gur e mis' tha a' fulang cràidh,
M' aisling fhéin an còrr as fhaid',
Anns a' mhadainn mar a b' àbhaist,
Chan fhaigh mi tàmh air dòruinn.
'Illean ma thig sibh a' rathad,
Feuch gun 'cur sibh clach 'sa chàrn,
Nì siud cuimhneachan gu bràth,
An t-àit' an deach mo leònadh.
Chaidh mi suas gu Cnoc nan Uiseig,
Mi bhith 'nam shuidh' air an tulach,
Thàinig fuaim bha shuas mo chùl ud,
'S eadar [buail air frasaidh?].
'S ged nach eil mi [bhiodh/bit?] nas fheàrr,
Chan urrainn dhomh bhith 'nam thàmh,
'S ann glé dhona a bhios mo shlàint',
A' latha nach dèanainn òran.