GF105i05 ÒRAN LE LACHLANN IAIN BHÀIN MU EACH AIGE, CHARLIE Beulaiche: Gilleasbuig mac Ruairidh Chaluim Iain | Archie Rory MacDonald Bàrd: Lachlann Iain Bhàin | Lachlan MacKinnon [Séist:] O hu rithill a bha ho, O hu rithill a bha ho, Hao ri ri hi 's hog i ó, Mo chridhe trom 's cha nàir dhomh. 'S cha b' e Tèarlaidh a rinn dhomh beum, Nuair a bha e ruith 's a leum, Ach mo bhrògan bhiodh gun fheum, Bha té dhiubh bha 'na sroicean. Gur e mis' tha a' fulang cràidh, M' aisling fhéin an còrr as fhaid', Anns a' mhadainn mar a b' àbhaist, Chan fhaigh mi tàmh air dòruinn. 'Illean ma thig sibh a' rathad, Feuch gun 'cur sibh clach 'sa chàrn, Nì siud cuimhneachan gu bràth, An t-àit' an deach mo leònadh. Chaidh mi suas gu Cnoc nan Uiseig, Mi bhith 'nam shuidh' air an tulach, Thàinig fuaim bha shuas mo chùl ud, 'S eadar [buail air frasaidh?]. 'S ged nach eil mi [bhiodh/bit?] nas fheàrr, Chan urrainn dhomh bhith 'nam thàmh, 'S ann glé dhona a bhios mo shlàint', A' latha nach dèanainn òran.