Òran na Bainnseadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF095I01 ÒRAN NA BAINNSEADH
Beulaiche: Dòmhnuill Alasdair Nìll Mhìcheil Ruairidh | Daniel Alexander MacInnes
Bàrd: Iain na Banntraich | John MacDonald
[Séist:] O, tha mi air mo mhealladh
Chan eil stàth dhomh bhith 'ga ghearain
O, tha mi air mo mhealladh.
'S iomadh fear a fhuair a' [liathachainn?]
Tha deagh bhoireannaich 'gan iarraidh
Ach na dh'aindeoin 's na fhuair [riamh e?]
Bha [an tùr fheuchainn?...?]
'S chan eil rathad mór 'san àite
Nach eil làrach [bi 'ga/beag a thàmh ann?]
No acarsaid [Clann an Tàillear?]
Gu sràid [a tha am baile/àrd nam Barrach?].
'S ann DiMàirt a rinn sibh gluasad
'S an taobh [acair a fhuathas?]
Soirbheas trom on àird a tuath
Frasan fuar de chlachan-meallain
[?] a bha sin air chùil an àite
Bhith 'gad faicinn mar a bha sibh
Bristeadh fheansaichean ro phàircean
Gabhail àrd air bhàrr nam [beannan?]
Chan eil tuathanach 'san àite
Nach eil air damage air an [bharran/Bànrighinn?]
Gus na feansaichean a chàradh
Mun thig facal [...a chantail/a grantadh?].
Iagan Eòin a bha 'ga stiùireadh
[Poidhlidh/Boileadaich/Pilot-aich?] cho math 's a bha dùthaich
[...?] [làn ri ùbhlan?]
Dèanamh cùrs' air àit' an t-sagairt.
Ged bha seòladair mar bha sibh
Chan eil ceangail leis 'san [aithne?]
'S cha chùram gu' fuasgail am pathadh
Tha deagh [sheadh?] air blas [an t-seallaidh?]