Back to recordings

Òran na Tì

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF093i03 ÒRAN NA TÌ


Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald
Bàrd: Dan N. MacIntyre


[Séist:] Hòro hi an taobh leam fhìn
Na bi strì ri amaideas
'S fheàirrde mnathan uasal tì
Gun goirt an cinn mur fhaigh 'ad i.


Ach, a Ruairidh, bha mi 'n dùil
Gu robh [e?] tu 'nad Cheanndaich
Nach ann a dh'fhalbh thu leis an tì
Cha toir mi fhìn mo [bhail' ud/bharail?] dhut.


B' àille leam gun d' rinn thu, Ruairidh
Gnothaich suarach, amaideachd
Nuair a dh'fhalbh thu feadh na dùthchadh
Reic an [diùtaidh?] shalaich ud.


Tì nan deich na dà thaigh deug
Gun dèan e thu mar chailleachan
Cha tig a' latha a nì i feum
Na rach có tha 'na bheannaichte.


Ged [bhiodh agad/a dh'fhàgte?] [té cruas/tìr cruaidh?]
Do ghuallaibh air Astràilia
Cha dèan ar cupan math dha'n tì
Na thogas d' inntinn chaileagan.


Diombach mi dha'n mhuileann thu
A rinn a' fùdar salach ud
Dh'fheumadh i poca mun t-sruth
Mur [?] mór nan aibhnichean.


Chaidh mi a-null a thaigh mo nàbaidh
Tàirneanaich is dealanaich
'S ann a dh'fhaighneachd 'ad gu coibheil:
"An toir thu fhéin rud tarraing dhi?"


Gun do smaoinich mise an uair sin
Ceuman, cruaidh, is amaideach
Nach ann a-huile latha a dh'éirighinn
Gheobhainn fhéin an tàbhan dhomh.


Labhair mi le ghuth cruadhach
Suarach dhomhsa an dealach e
Na dèanadh sibhse suas gu [crùgan?]
Bheir mi nunn gu Mamaidh e.


Ach éibh Màiri orm an dé
Is i speuradh leis an aineolas
"A' faca sibh an coileach cléirich
A thug an dé mo char asam?"


Is chruinnich Màiri is Cairistìona
Ceit Catrìona n'in Alasdair
Feuch an cuireadh 'ad an greim
A' fear a rinn a cheannach dhaibh.


Sin an uair a labhair Flòraidh
Dòigheil mar a' b' aithne dhi
"Faigh thu ['s urram/siorram?] on a' chrùn
'S e air feadh na dùthchadh lean thu e."


Philip MacDonald
Léig Gabarus | Gabarus Lake 15 recordings Faic pròifil | view profile