GF093i03 ÒRAN NA TÌ Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald Bàrd: Dan N. MacIntyre [Séist:] Hòro hi an taobh leam fhìn Na bi strì ri amaideas 'S fheàirrde mnathan uasal tì Gun goirt an cinn mur fhaigh 'ad i. Ach, a Ruairidh, bha mi 'n dùil Gu robh [e?] tu 'nad Cheanndaich Nach ann a dh'fhalbh thu leis an tì Cha toir mi fhìn mo [bhail' ud/bharail?] dhut. B' àille leam gun d' rinn thu, Ruairidh Gnothaich suarach, amaideachd Nuair a dh'fhalbh thu feadh na dùthchadh Reic an [diùtaidh?] shalaich ud. Tì nan deich na dà thaigh deug Gun dèan e thu mar chailleachan Cha tig a' latha a nì i feum Na rach có tha 'na bheannaichte. Ged [bhiodh agad/a dh'fhàgte?] [té cruas/tìr cruaidh?] Do ghuallaibh air Astràilia Cha dèan ar cupan math dha'n tì Na thogas d' inntinn chaileagan. Diombach mi dha'n mhuileann thu A rinn a' fùdar salach ud Dh'fheumadh i poca mun t-sruth Mur [?] mór nan aibhnichean. Chaidh mi a-null a thaigh mo nàbaidh Tàirneanaich is dealanaich 'S ann a dh'fhaighneachd 'ad gu coibheil: "An toir thu fhéin rud tarraing dhi?" Gun do smaoinich mise an uair sin Ceuman, cruaidh, is amaideach Nach ann a-huile latha a dh'éirighinn Gheobhainn fhéin an tàbhan dhomh. Labhair mi le ghuth cruadhach Suarach dhomhsa an dealach e Na dèanadh sibhse suas gu [crùgan?] Bheir mi nunn gu Mamaidh e. Ach éibh Màiri orm an dé Is i speuradh leis an aineolas "A' faca sibh an coileach cléirich A thug an dé mo char asam?" Is chruinnich Màiri is Cairistìona Ceit Catrìona n'in Alasdair Feuch an cuireadh 'ad an greim A' fear a rinn a cheannach dhaibh. Sin an uair a labhair Flòraidh Dòigheil mar a' b' aithne dhi "Faigh thu ['s urram/siorram?] on a' chrùn 'S e air feadh na dùthchadh lean thu e."