Back to recordings

Là Bealltainn

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF091i08N LÀ BEALLTAINN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


[JNM:] Cha chuala mi móran aca air an taobh seo mu dhéidhinn na Bealltainn, ach neo-ar-thaing air an taobh thall nach robh iad a' cunntais—bhiodh iad a' géilleachdainn móran dha 'n Bhealltainn tha e coltach air thall 'sa Ghàidhealtachd. Dh'fheumadh iad greim ithe Là Bealltainn. Dh'fheumadh iad greim ithe 'sa mhadainn ma 'n chluinneadh iad a' chuthag.


[JS:] 'S ann dìreach.


[JNM:] A bha greim cuthaig aca 'ga ghabhail. Dh'fheumadh iad a bhith cur breacag fo 'n chluasaig ma 'n reachadh iad a chadal an oidhche mu dheireadh dhe 'n Ghiblean. Chuireadh iad, chuireadh iad am breacag fo 'n ceann agus nuair a dhùisgeadh iad 'sa mhoch, bheireadh iad greim ás a' sin agus sin a' rud ris an canadh iad an greim cuthaig. Bha e 'ga chunntais na dhroch-shealbh dhaibh nam biodh a' chuthag air a cluinntinn a' ceilearadh 's iad gun greim do bhiadh a ghabhail. Ach cha bhiodh iad a' dèanamh mòran bhos a's an taobh cheàrn seo ri m' chuimhne. 'S cha dèanadh iad móran mu dhéidhinn Là Bealltainn idir, ach gum biodh, gu robh Là Buidhe Bealltainn; bhiodh iad ag ainmeachas sin. Ach thànaig a' facal sin bho 'n, bho 'n taobh eile—bho 'n taobh an duthaich thall.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile