A' Fear a Chaill am Mart
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF195i05 A' FEAR A CHAILL AM MART
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Tar-Sgrìobhadh: Seòige NicDhòmhnaill | Joyce MacDonald
Uill bha gille gast' againn shìos air abhainn Mhargaraidh seo 's bha meas aig a h-uile duine air 's bha e gu math witty. Ach co-dhiù, bha mart aige 's chaidh i air chall agus cha robh e 'ga faighinn 's bha e 'siubhal 's a' siubhal air a son agus cha robh e 'ga faighinn.
'S thàinig coimhearsnach mun cuairt agus thuirt e, "Uill, a-nis a Raghnaill," thuirt e, "nan gabhadh tusa beagan de dh' ùrnaigh airson Saint Anton—le Saint Anthony, Naomh Antonaidh, chuirinn geall gu faigh sibh am mart."
"Uill, ciamar, ciamar an diabhail a gheibh Naomh Antonaidh dhomhs' e, 's e gun eòlas an fhàsach seo? Chan eil e eòlach 's an fhàsach seo 's chan fhaigh e nuair nach urrainn dhomhs' a faighinn 's an fhàsach, ciamar a gheibheadh Naomh Antonaidh i?"
Sin agad a thuirt e.