Back to recordings

Là Fhéill Pàdraig

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF091i05N LÀ FHÉILL PÀDRAIG


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Agus air Là Fhéill Pàdraig – an t-seachdamh lath' deug dhen Mhàrt – bhiodh iad a' bruidhinn air aiteamh mhór na Fhéill Pàdraig ma bha sneachda trom ann 's bha e pailt air an talamh, nan canadh iad cho fad 's a bha sneachda gun leaghadh sìos, chanadh cuideiginn, "Nach d' thàinig aiteamh mhòr na Fhéill Pàdraig fhathast?" Ach nuair a thigeadh sin gun toireadh e ìsleachadh air an t-sneachda. Ma dh'fhaoidte gun tigeadh an t-uisge 's a' soirbheas blàth bha sin ro Fhéill Phàdraig 's ma dh'fhaoidte gum biodh e làithichean ás a dheaghaidh mun tigeadh e. Ach bhiodh iad gu tric a' bruidhinn air aiteamh mhór na Fhéill Pàdraig.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile