Am Fear a Chaisg an Fhuil
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF261i04 AM FEAR A CHAISG AN FHUIL
Beulaiche: Dòmhnall Aonghais mac Fhionnlaigh 'ic Iain 'ic Iain 'ic Fhionnlaigh Mhóir | Dan Angus Beaton
Tha mi 'dol a dh'innse dhut-sa, John Shaw naidheachd a bh'air - mu dheidhinn fhear a thàinig an seo, mu dheidhinn a làir a ghearr i fhéin orm air a' bhaile. Agus start a chas aice air sileadh dona.
'S ann as t-samhradh a bh' ann, 's e duin' á taobh eile na h-eilein a bh' ann. Thàinig e 'staigh a' seo. Bha mo mhàthair beò an uair ud, 's e 'bhliadhna dh'eug m' athair, ann an nineteen thirty a bh' ann. Agus bha là breagha feur ann, 's bha mise 'mach là roimhe sin, 's bha mi uabhas gearradh air feòir, agus bha feur air a dhol a-staigh a làrna-mhàireach. Is bha mi 'sgrìobanachadh an fheòir, is dar chuir mi crìoch air sgrìobanachadh an fheòir, chuir mi làir anns a' chairt 'ga chuir a-staigh, 's e cairt a bh' agam, cha robh truck wagon idir ann. Chuir mi 'làir anns a chairt a chuir a-staigh an fheòir, agus b'e ciamar a thachair e, bha botul briste 's a' phairc fheòir. Agus sheas a' làir air a' bhotul briste.
O, rinn i fìor dhroch gearradh air a cas. Agus, bha i 'sileadh dona. Ach tha mi beagan air thoiseach air mo naidheachd. Chuir a' fear a bha seo an oidhche seachad còmhla rinn, á taobh thall na h-eilein, agus chaidil e suas gu mu naoi no deich a dh'uairean, cha robh cabhaig air. 'S e seann duin' a bh' ann. Agus, dar a bha e 'falbh, thàinig e 'mach dha 'n phàirc a thoirt taing dhomh fhín 's dha 'm mhàthair, fhios agad, airson an oidhche chuir seachad còmhla rinn, airson a' bhiadh thoirt dha is na h-uile sian a bh' ann. Agus sin dìreach car mu 'n àm a gheàrr a' làir a cas. Agus thug mo mhàthair sùil, is 'O,' thuirt ise, 'cha chreid mi fo Dhia nach do gheàrr a' làir sin cuisle 'na cas dar a tha i 'sileadh cho dona.
Agus thuirt mise, "Fimiridh mi 'toirt ás a' chairt a's a'mhionaid is a faigh i a-staigh dha 'n t-sabhal."
Agus bha esan dìreach 'na sheasamh làmh rinn aig an àm, an deaghaidh tighinn a-nall bho 'n taigh.
Agus "O," thuirt e, "cuiridh mise stad air a' sin dhut 'sa mhionaid."
Uill, cha do studaigeadh mise, nach dh'fhaoidte gur e vet no rudeigin a bh' ann, 's gum biodh e math mun chuairt a leithid seo.
"Uill," thuirt mise, "bheiridh mis' a's a' chairt i."
"Cha leig thu leas," thuirt e. "Fàg 's a' chairt i."
'S chaidh e 'nunn far a' robh 'làir, is bha mo mhàthair watchadh là' ruim. Agus start e 'g ràidhinn faclan ìosal, cha chluinninn dé na faclan a bha e 'g innse no 'g ràdhainn. Ach, cha robh e fada sam bith a' deanamh sin. Stad an fhuil dìreach mar siud. Aidh.
Thuirt mise ri 'm mhàthair,
"An dolas, mun do stad an fhuil?"
Agus thionndaidh e, agus thuirt e rium-as,
"Duine sam bith, chan eil aige ach na faclan tha seo ag ràidhinn is cuiridh e stad air sileadh sam bith ann an duine no ann am beòthach sam bith." Sin a thuirt e rium.
Uill, bha mise òg, agus b' fìor thoil leam-asa na faclan a bhith agam, tha thu tuigsinn? Agus thuirt e,
"Chan ionnsaich mi dhut-as idir 'ad, tha thu tuilleadh 's òg. Ach ionnsaichidh mi dha 'd mhàthair 'ad," ars esan - bha i làmh rium.
Agus bha mo mhàthair làn chreidsinn ann am buisdeachd is ann an gnothaichean, tha thu 'tuigsinn?
Is shaoil leatha 'sa mhionaid gur e seo a rinn an gnothach air a' seo, stad a chuir air. Thuirt ise,
"Chan eil na faclan a dhith orm, chan eil aon fhear fhéin dhiubh a dhith orm ri chluinneil gun tighinn air an ionnsachadh."
Chaidh stad a chuir air dìreach 'sa mhionaid, 'sa mhionaid. Cha leigeadh i leis idir.
"O uill," thuirt esan, "ma 'sann mar sin a th' ann, 's ann mar sin a bhitheas." Bha esan coma co-dhiù.
Ach, "Uill," thuirt mi, "'s fheàrr dhomh stad a chuir air a' làir, agus a' cur a-staigh 's an t-sabhal, am bheil thu 'tuigsinn?"
Agus thuirt e "Na cuir a-staigh 'san t-sabhal idir i,' thuirt e rium. Tha inneir an each uabhasach dona 'son lockjaw a thugail dha na h-eich," thuirt e, "seann inneir. Agus tha e móran nas fheàrr dhut," ars esan, "cumail romhad agus a' feur a chur a-staigh, is cha tig sian ris a' làir. Is cha shil i tuillidh. Is bi mise air mo rathad, agus taing dhuibh airson an oidhche chuir seachad."
Is dh' obraich mis' a' làir bho 'n là sin gus iomadh latha as a deaghaidh is cha do shil i riamh tuillidh is leigheis a chas suas. Ach bha i 'sileadh gàbhaidh, is b'e dé na faclan a thuirt esan, chuir e stad air an fhuil dìreach mar a thuirt mi riut, cho luatha 's a thuirt e 'ad. Agus sin agad an naidheachd dìreach mar a tha mi 'ga innse dhut a-nist.