Òran na Muice
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF088I06 ÒRAN NA MUICE
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John Dan MacNeil
'S thuirt Alasdair 's e 'g éirigh,
"Gur éibhinn a' latha a th' ann,
Gur e mis' a dh'fheumas,
A' bhéist ud a spadadh ann;
Ó 'illean bithibh [treathail - trean?],
Is éiribh gu h-aigealta [gu h-aithghearr , gu h-ealamh]
'S gun dèan sibh uisge blàth dhith
Is gun dàil bhith nas fhaide aice."
'S fhuair Coinneach agus Dòmhnull,
Air ròp' a's an t-sabhal i,
B' e siud an obair chianail,
A' sgiamhail a bh' aicese;
Cho ealamh ris an fhùdar,
Gun d' smùid 'ad [?] i,
Air a muin le glùinean,
A' mùchadh a h-analach.
'S gun d' thuirt a' mhuc 's i 'g éigheachd murt,
Gur tus' an duine damainte,
Tha mise bàsachadh an-diugh,
'S gun diùbhail thusa fhathast air;
Ma théid mo chuideachd ann 'nad chuideachd,
Gum bi fuil mun dealaich sinn,
'S gu math fada beò thu,
'S e gnoigean na galla thu.
Team notes:
Cf. Angus Gillis, "An Cullach Breac," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, December 1, 1980; and Joe Neil MacNeil, "An Cullach Breac," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, January 14, 1982.