GF088I06 ÒRAN NA MUICE Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John Dan MacNeil 'S thuirt Alasdair 's e 'g éirigh, "Gur éibhinn a' latha a th' ann, Gur e mis' a dh'fheumas, A' bhéist ud a spadadh ann; Ó 'illean bithibh [treathail - trean?], Is éiribh gu h-aigealta [gu h-aithghearr , gu h-ealamh] 'S gun dèan sibh uisge blàth dhith Is gun dàil bhith nas fhaide aice." 'S fhuair Coinneach agus Dòmhnull, Air ròp' a's an t-sabhal i, B' e siud an obair chianail, A' sgiamhail a bh' aicese; Cho ealamh ris an fhùdar, Gun d' smùid 'ad [?] i, Air a muin le glùinean, A' mùchadh a h-analach. 'S gun d' thuirt a' mhuc 's i 'g éigheachd murt, Gur tus' an duine damainte, Tha mise bàsachadh an-diugh, 'S gun diùbhail thusa fhathast air; Ma théid mo chuideachd ann 'nad chuideachd, Gum bi fuil mun dealaich sinn, 'S gu math fada beò thu, 'S e gnoigean na galla thu.