Back to recordings

E a Nighean, o a Nighean

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF082i04 E A NIGHEAN, O A NIGHEAN


Beulaiche: Dòmhnuill Sheana/Dòmhnaill Fhlòraidh Iain Dall Nìll Òig Nìll | Dan Murdock Patterson



[Séist:] E ho nighean, o ho nighean,
E ho nighean, chinn dubh àlainn,
Mise is cailin donn na buaileadh,
Dha 'n tug mi mo laoidh 's gun d' fhàg mi.


'N cuala sibhse mun a' fhroilig,
Bha aig Neilidh a's an àit' seo,
[Bha làir?] seasgaich agus teamsters,
[Tarraing?] dìreach tro na [parkans/pàirceans?].


Bha Neilidh ann fo ghearan,
'S e car carrach mar a b' àbhaist,
Bha Trudy ann fo [?],
'S [ann?] dìreach tro na [parkans/pàirceans?].


'S nuair a thàinig àm na dìnneir,
Sin far a' robh an obair gàbhaidh,
Cearcan-tomain air droch spìonadh,
'S air a lìonadh le buntàta.


'S nuair a thàinig àm na suipeir,
Sin far robh an obair sgreadaidh,
Cearcan-toman bh' air a [phòile/phola?],
A bhith 'ga ròstadh ann [Bochannans?].


'S thuirt a' chailleach ris a' bhodach,
Chan eil math an fhìrinn aithreach,
Leig i am bodach air a shocair,
Is thug e ruaigean oirr' bha gàbhaidh.


Notes (fieldnotes):
"LOCAL VERSES"

Dan Murdock Patterson
An t-Eilean Mór An Ear | East Boularderie 6 recordings Faic pròifil | view profile