Back to recordings
Pòsadh Piuthar Iain Bhàin
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF076I05 PÒSADH PIUTHAR IAIN BHÀIN
Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod
[Séist:] I iu ra bho, i iu ra bho,
Cuiridh mi luinneag an òrdugh dhuibh,
I iu ra bho, i iu ra bho,
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Nuair a ràinig sinn urrad bha 'n oidhche againn,
Taigh mòr gun solas 's gun soills' aige,
Gun faigheadh sinn fiù nan coinnlearan
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Bha iasg againn, 's bha feòil againn,
Bha luchd-bruidhne gu leòr againn
Gu ruige sinn cho geal ris na faoileagan
Dol dhachaigh le piuthar Iain Bhàin.
Sin agad na bheil agamsa dheth.
[BREAK IN TAPE]
Bha ìm againn 's bha iasg againn,
Bha luchd-bruidhne gu leòr againn,
Bha 'n ìm nach robh e gaoiseadach
Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.
Reference sources:
Mac-Talla, vol. 12 no. 6 (1904), p. 8