GF076I05 PÒSADH PIUTHAR IAIN BHÀIN Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod [Séist:] I iu ra bho, i iu ra bho, Cuiridh mi luinneag an òrdugh dhuibh, I iu ra bho, i iu ra bho, Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Nuair a ràinig sinn urrad bha 'n oidhche againn, Taigh mòr gun solas 's gun soills' aige, Gun faigheadh sinn fiù nan coinnlearan Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin. Bha iasg againn, 's bha feòil againn, Bha luchd-bruidhne gu leòr againn Gu ruige sinn cho geal ris na faoileagan Dol dhachaigh le piuthar Iain Bhàin. Sin agad na bheil agamsa dheth. [BREAK IN TAPE] Bha ìm againn 's bha iasg againn, Bha luchd-bruidhne gu leòr againn, Bha 'n ìm nach robh e gaoiseadach Aig pòsadh piuthar Iain Bhàin.