Òran an Taghaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF075i08_076i01 ÒRAN AN TAGHAIDH
Beulaiche: Calum Aonghais Mhurchaidh | Malcolm Morrison
Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin | Murdoch Morrison
MacKenzie King gun dràst' againn,
Gu math le chàirdean féin siud,
Bho 'n uair an àite Laurier,
'S e banntrach thug am preasan.
[Séist:] Ho rithill thog i ó ran ó,
Ho rithill ó ró mo chiotag,
Ho rithill thog i ó ran ó.
Nuair ràna mis' an drochaid,
Bha bodaich ann bha éibhinn,
Na [?] Mac Chaluim moigean,
Gilleasbuig Mór làn feusaig.
Bha 'm Premier ann 'sa mhadainn ud,
Ho rì gur e bha éibhinn,
E giùlan 'staigh do 'n gheallaichean,
Is anail [ged ar tréigsinn?].
John Angus còir an tàillear,
Le [malaidh/bally?] gunn' air ghleusadh,
Nuair rànaig esan dhachaigh,
Nach b' fheàrr dha bata méibeil?
Ruairidh Donn mo nàbaidh,
Ge beag a tha de fheum ann,
An uair a [nist?] na mogaisean,
Cha dèan e car ach céilidh.
'S a' chailleach seo a th' agamsa,
Gur beag a tha de fheum innt',
On chiùrr a' bhó a' chas aice,
Cha charaich i á sèithear.
[BREAK IN TAPE]
Mo chas gu robh siud feumail,
Gun d' [rugar?] orm ach aighean,
[Air car?] gun d' thug e fhéin mi.
Gun do dh'fhalbh John Angus,
Le gunna cam'is ghleus air,
Gun d' thug e air a ghuaillean e,
'S gum b' uasal a bha a cheum-sa.
'S an àm dha tilleadh dhachaigh e,
Gum b' airtnealach a cheum-sa,
Ged thigeadh na rabaidean,
Mu chasan, cha bu léir dha.
Nuair ràna mi an drochaid,
Bha cailleachan ann 'nan treudan,
Cuid nach [réir a' choltach?],
Air am mogan chur ri chéile.
Gu robh Dòmhnall Ruairidh ann,
Bu ghruamach bha e fhéin rium,
Gun deach e seachd faisg orm,
'S cha d' thuirt e facal fhéin rium.
Gu robh Uilleam Eachainn ann,
'S e caraide dhomh fhéin e,
Gun do las e maidse dhomh,
'S gu dearbha rinn siud feum dhomh.
Reference sources:
Òrain Fuinn is Cladaich, ed. Murdoch Morrison (1931), p. 31