GF075i08_076i01 ÒRAN AN TAGHAIDH Beulaiche: Calum Aonghais Mhurchaidh | Malcolm Morrison Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin | Murdoch Morrison MacKenzie King gun dràst' againn, Gu math le chàirdean féin siud, Bho 'n uair an àite Laurier, 'S e banntrach thug am preasan. [Séist:] Ho rithill thog i ó ran ó, Ho rithill ó ró mo chiotag, Ho rithill thog i ó ran ó. Nuair ràna mis' an drochaid, Bha bodaich ann bha éibhinn, Na [?] Mac Chaluim moigean, Gilleasbuig Mór làn feusaig. Bha 'm Premier ann 'sa mhadainn ud, Ho rì gur e bha éibhinn, E giùlan 'staigh do 'n gheallaichean, Is anail [ged ar tréigsinn?]. John Angus còir an tàillear, Le [malaidh/bally?] gunn' air ghleusadh, Nuair rànaig esan dhachaigh, Nach b' fheàrr dha bata méibeil? Ruairidh Donn mo nàbaidh, Ge beag a tha de fheum ann, An uair a [nist?] na mogaisean, Cha dèan e car ach céilidh. 'S a' chailleach seo a th' agamsa, Gur beag a tha de fheum innt', On chiùrr a' bhó a' chas aice, Cha charaich i á sèithear. [BREAK IN TAPE] Mo chas gu robh siud feumail, Gun d' [rugar?] orm ach aighean, [Air car?] gun d' thug e fhéin mi. Gun do dh'fhalbh John Angus, Le gunna cam'is ghleus air, Gun d' thug e air a ghuaillean e, 'S gum b' uasal a bha a cheum-sa. 'S an àm dha tilleadh dhachaigh e, Gum b' airtnealach a cheum-sa, Ged thigeadh na rabaidean, Mu chasan, cha bu léir dha. Nuair ràna mi an drochaid, Bha cailleachan ann 'nan treudan, Cuid nach [réir a' choltach?], Air am mogan chur ri chéile. Gu robh Dòmhnall Ruairidh ann, Bu ghruamach bha e fhéin rium, Gun deach e seachd faisg orm, 'S cha d' thuirt e facal fhéin rium. Gu robh Uilleam Eachainn ann, 'S e caraide dhomh fhéin e, Gun do las e maidse dhomh, 'S gu dearbha rinn siud feum dhomh.