Nighneag a' chùil duinn nach fhan thu
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF074i01 NIGHEANAG A' CHÙIL DUINN NACH FHAN THU
Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod and Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Malcolm Angus MacLeod:] Bha mi 'n toir ort bho chionn fada.
[Séist:] O nigheanag a' chùil duinn nach fhan thu,
Fhios an tìr gur mi do leannan,
O nigheanag a' chùil duinn nach fhan thu.
Nigheanag a' chùil bhuidhe bhòidheach,
Bha mi 'n toir ort bho chionn fhada.
[John Shaw:] Nigheanag a' chùil bhuidhe rìomhaich,
Dhèanainn fhìn do chìr a cheannach.
Bha mi 'n toir ort bho chionn bliadhna,
Bha mi 'gad iarraidh bho chionn fada.
Ged is gann dhomh bhith 'ga innse,
'S iomadh tìr 's a bheil mo bhannal.
Gu bheil té 'sa Bhàigh an Iar,
Is teile shìos 'sa Bheul na Narrows.
Gu bheil té 'san Eilean Mhór,
A bheil mo deòir a tha i cantainn.
Team notes:
The placenames Bàigh an Iar, Beul na Narrows, and Eilean Mhór are mentioned in this track. John Shaw (Seogan Màiri Dhanaidh) accompanies Malcolm Angus MacLeod on the chorus and also sings a few verses.