GF074i01 NIGHEANAG A' CHÙIL DUINN NACH FHAN THU Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod and Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Malcolm Angus MacLeod:] Bha mi 'n toir ort bho chionn fada. [Séist:] O nigheanag a' chùil duinn nach fhan thu, Fhios an tìr gur mi do leannan, O nigheanag a' chùil duinn nach fhan thu. Nigheanag a' chùil bhuidhe bhòidheach, Bha mi 'n toir ort bho chionn fhada. [John Shaw:] Nigheanag a' chùil bhuidhe rìomhaich, Dhèanainn fhìn do chìr a cheannach. Bha mi 'n toir ort bho chionn bliadhna, Bha mi 'gad iarraidh bho chionn fada. Ged is gann dhomh bhith 'ga innse, 'S iomadh tìr 's a bheil mo bhannal. Gu bheil té 'sa Bhàigh an Iar, Is teile shìos 'sa Bheul na Narrows. Gu bheil té 'san Eilean Mhór, A bheil mo deòir a tha i cantainn.