Back to recordings

Òran nam Mèinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF072I03N ÒRAN NAM MÈINN


Beulaiche: Dòmhnall Mac a' Phearsain | Dan A. MacPherson
Bàrd: Donald MacPherson


[Séist:] 'S i il iù agus o,
Mo chridhe trom, cha chàirich e,
Cha thaobh na caileagan mi,
Cha robh mi fhìn 'nam mharaiche.


An cuala sibh mun mhèinn ud shìos?
Chiall nach i tha annasach;
H-uile sìon a' falbh le steam,
Is Mac a' Rìgh 'na mhanaidsear.


Is chaidh mi dha 'n a' mèinn ud shìos,
Chiall tha i anasach;
Uilleam ann an àite Sìleas,
Sgrìobhadh aig na gloinneachan.


'S thàinig Iain Beag le bodach iarainn,
Feuch an dhèanadh e gearradh leis,
'S a nuair a ràinig esan shìos,
Bha h-uile sian a' bragadaich.


'S thàinig sineach Dòmhn'll mac Iain,
'S e cho liath ri Barrington
'S ann a dh'fhoighneachd e do dh'Iain,
An dèan mi sìon an [leapadaidh?].


Is thàinig sineach Dànaidh Iain,
Chuir e t-sìos dha'n level e,
Tha mis' eòlach bodach iarainn,
Bha mi bliadhna gearradh leis.


'S Uilleam chiad a chaidh dha 'n chage,
Dh'éibh e sìos air Alasdair;
"Chan fhaic sibh mise a-chaoidh nam bheò,
Bheir leat mo chòta dhachaigh dhomh."


'S cha téid mi fhéin dha 'n a' mhèinn,
Fhad [bh]ios grian no gealach ann,
Trì tasdain air mo bhòrd,
An còir, cha dèan mi bharrachd air.


Reference sources:
Cape Breton's Magazine, no. 74 (June 1996), p. 81; "Òran A' Mhèinneadair," Cape Breton's Diversity in Music, Beaton Institute, Cape Breton University, https://web.archive.org/web/20220523051650/http://beatoninstitutemusic.ca/wp-content/uploads/lyrics-oran-a-mheinneadair.pdf

Team notes:
Allan MacLeod attributes this song to William MacVicar, see Cape Breton's Magazine, no. 74 (1999), p. 81.

Dan A. MacPherson
Boston Ùr | New Boston 16 recordings Faic pròifil | view profile