GF072I03N ÒRAN NAM MÈINN Beulaiche: Dòmhnall Mac a' Phearsain | Dan A. MacPherson Bàrd: Donald MacPherson [Séist:] 'S i il iù agus o, Mo chridhe trom, cha chàirich e, Cha thaobh na caileagan mi, Cha robh mi fhìn 'nam mharaiche. An cuala sibh mun mhèinn ud shìos? Chiall nach i tha annasach; H-uile sìon a' falbh le steam, Is Mac a' Rìgh 'na mhanaidsear. Is chaidh mi dha 'n a' mèinn ud shìos, Chiall tha i anasach; Uilleam ann an àite Sìleas, Sgrìobhadh aig na gloinneachan. 'S thàinig Iain Beag le bodach iarainn, Feuch an dhèanadh e gearradh leis, 'S a nuair a ràinig esan shìos, Bha h-uile sian a' bragadaich. 'S thàinig sineach Dòmhn'll mac Iain, 'S e cho liath ri Barrington 'S ann a dh'fhoighneachd e do dh'Iain, An dèan mi sìon an [leapadaidh?]. Is thàinig sineach Dànaidh Iain, Chuir e t-sìos dha'n level e, Tha mis' eòlach bodach iarainn, Bha mi bliadhna gearradh leis. 'S Uilleam chiad a chaidh dha 'n chage, Dh'éibh e sìos air Alasdair; "Chan fhaic sibh mise a-chaoidh nam bheò, Bheir leat mo chòta dhachaigh dhomh." 'S cha téid mi fhéin dha 'n a' mhèinn, Fhad [bh]ios grian no gealach ann, Trì tasdain air mo bhòrd, An còir, cha dèan mi bharrachd air.