Hé mo leannan, hò mo leannan
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF068i02 HÉ MO LEANNAN, HO MO LEANNAN
Beulaiche: Catriona ni'n Thormoid Chaluim | Katie Ann Rodgers
[Séist:] Hé mo leannan, hò mo leannan,
'S e mo leannan a' fear ùr,
Hé mo leannan, hò mo leannan.
Tha mo leannan-s' aig a' chladach,
'S e ri sailleadh sgadain ùir.
'S e mo leannan fhìn an gobh',
Bheireadh foghail air na h-ùird.
'S e mo leannan fhìn an tàillear,
Chuireadh fàitheam air mo ghùn.
'S tric a chaidh sinn dhan an tobar,
Ged nach tugainn dhachaidh drùdh'.
'S tric a chaidh sinn dhan a' bhàthach,
Sneachda na b' àirde n' ar glùn.
'S tric a chaidh sinn dhan an t-sabhail,
Fodar fodhainn is os ar cionn.
[Far am bidh na?] leannan 's aig do leannan,
'S bhiodh tus' agamsa co-dhiù.
'S e mo leannan fhìn an gobha,
Bheireadh foghail air na h-ùird.
Hé—
I think that is about all I can go.
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 198; Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 248; The MacDonald Collection of Gaelic Poetry, eds. Rev. A. MacDonald and Rev. A. MacDonald (1911), p. 217-219