GF068i02 HÉ MO LEANNAN, HO MO LEANNAN Beulaiche: Catriona ni'n Thormoid Chaluim | Katie Ann Rodgers [Séist:] Hé mo leannan, hò mo leannan, 'S e mo leannan a' fear ùr, Hé mo leannan, hò mo leannan. Tha mo leannan-s' aig a' chladach, 'S e ri sailleadh sgadain ùir. 'S e mo leannan fhìn an gobh', Bheireadh foghail air na h-ùird. 'S e mo leannan fhìn an tàillear, Chuireadh fàitheam air mo ghùn. 'S tric a chaidh sinn dhan an tobar, Ged nach tugainn dhachaidh drùdh'. 'S tric a chaidh sinn dhan a' bhàthach, Sneachda na b' àirde n' ar glùn. 'S tric a chaidh sinn dhan an t-sabhail, Fodar fodhainn is os ar cionn. [Far am bidh na?] leannan 's aig do leannan, 'S bhiodh tus' agamsa co-dhiù. 'S e mo leannan fhìn an gobha, Bheireadh foghail air na h-ùird. Hé— I think that is about all I can go.