An Oidhche Bha Banais an Taigh Choinnich Dhuinn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF068i01 AN OIDHCHE BHA BANAIS AN TAIGH CHOINNICH DHUINN
Beulaiche: Danaidh Dhòmhnaill Bhàin | Danny MacDonald
An oidhche bha a' bhanais an taigh Choinnich dhuinn,
A chunnaic mi 'chaileag, bha i ealanta, grinn,
Dhannsadh i loinneil is sheinneadh i binn,
Bha mise mu coinneamh a' togail an fhuinn.
Bha a gruaidh mar na ròsan cho bòidheach 's cho mìn,
Falt buidhe mar òr oirr' a shuaineas a' chìr,
Bha mise fo m' anail a' cantainn rium fhín,
'S e aingeal air thalamh th' ann an Anna NicCuinn.
Fhuair mi a-mach i à fasgadh an taoim,
Bha solas na gealach cho glan os ar cinn,
Thug mi dhi gealladh mun rachainn dha 'n choill',
Gum biodh i bho'n a' Challainn 'na bean agam fhìn.
Chùm mi mo ghealladh ri Anna NicCuinn,
Mus d' thàinig a' Challainn bha ise 'na mnaoi;
Chan eil i cho maiseach no idir cho binn,
'S a bha i mu mo choinneamh an taigh Choinnich dhuinn!
An àm éirigh 's a' mhadainn bidh Anna cho tinn,
Cha tig i á leabaidh gu faigh i 'cuid tì,
Suidhidh i tacan a' tachais a cinn,
'S ma chanas mi facal bidh bat' air mo dhruim.
Ma labhras mi duineil 'ga cumail fo chìs,
Chan eil annam ach burraidh is duine gun bhrìgh;
Mu choinneamh gach facail tha aicese trì;
Chan eil fàilleach 'san teang' aig a' bhean agam fhìn.
An dé bha i carran [carraid?] ri bean Iain 'ic Aoidh,
Thug Anna dhi mullach a' churrac le sgrìob;
Tha plàigh 'na mo thall' ach chan abair mi bìd,
'S cha chòir dhomh 'bhi 'gearan mu 'n a bhean agam fhìn.
Ach bheirinn mar chomhairl' air balaich na tìr'
'S nuair a bhios iad air banais is drama 'nan cinn:
Na tugadh iad gealladh do chaileag a chaoidh,
Gun fhios no gun aithne [cuid/có ás?] no có i.
Shin agad Anna NicCuinn.
Reference sources:
Clàrsach an Doire: Dàin agus Òrain, Niall MacLeòid (1883), p. 86