GF068i01 AN OIDHCHE BHA BANAIS AN TAIGH CHOINNICH DHUINN Beulaiche: Danaidh Dhòmhnaill Bhàin | Danny MacDonald An oidhche bha a' bhanais an taigh Choinnich dhuinn, A chunnaic mi 'chaileag, bha i ealanta, grinn, Dhannsadh i loinneil is sheinneadh i binn, Bha mise mu coinneamh a' togail an fhuinn. Bha a gruaidh mar na ròsan cho bòidheach 's cho mìn, Falt buidhe mar òr oirr' a shuaineas a' chìr, Bha mise fo m' anail a' cantainn rium fhín, 'S e aingeal air thalamh th' ann an Anna NicCuinn. Fhuair mi a-mach i à fasgadh an taoim, Bha solas na gealach cho glan os ar cinn, Thug mi dhi gealladh mun rachainn dha 'n choill', Gum biodh i bho'n a' Challainn 'na bean agam fhìn. Chùm mi mo ghealladh ri Anna NicCuinn, Mus d' thàinig a' Challainn bha ise 'na mnaoi; Chan eil i cho maiseach no idir cho binn, 'S a bha i mu mo choinneamh an taigh Choinnich dhuinn! An àm éirigh 's a' mhadainn bidh Anna cho tinn, Cha tig i á leabaidh gu faigh i 'cuid tì, Suidhidh i tacan a' tachais a cinn, 'S ma chanas mi facal bidh bat' air mo dhruim. Ma labhras mi duineil 'ga cumail fo chìs, Chan eil annam ach burraidh is duine gun bhrìgh; Mu choinneamh gach facail tha aicese trì; Chan eil fàilleach 'san teang' aig a' bhean agam fhìn. An dé bha i carran [carraid?] ri bean Iain 'ic Aoidh, Thug Anna dhi mullach a' churrac le sgrìob; Tha plàigh 'na mo thall' ach chan abair mi bìd, 'S cha chòir dhomh 'bhi 'gearan mu 'n a bhean agam fhìn. Ach bheirinn mar chomhairl' air balaich na tìr' 'S nuair a bhios iad air banais is drama 'nan cinn: Na tugadh iad gealladh do chaileag a chaoidh, Gun fhios no gun aithne [cuid/có ás?] no có i. Shin agad Anna NicCuinn.