'S E Fàth Mo Mhulaid
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF067I09 'S E FÀTH MO MHULAID
Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams
Bàrd: Ailean an Ridge , Ailean 'ic Alasdair 'ic Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Allan MacDonald
[Séist:] 'S e fàth mo mhulaid bho 'n d' fhàs mi duilich
Bhon d' dh'fhàg mi buileach an t-àite.
Gur h-ann mu thuath, taobh thall a' chuain
Tha 'n t-eilean 'san d' fhuair mi m' àrach.
Anns a' mhadainn, 'n àm dhomh dùsgadh
Caoidh na dùthaich a dh'fhàg mi
Gu bheil mi 'n dùil gu faic mo shùil
Gach creag 's gach lùb bha Màbu.
Far robh sinn cridheil, 'n àm nam bainnsean
Anns an àm a bha sin
'S tric bha sinn ri mire 's sunnd
Is danns air ùrlar clàraidh.
Nist bho 'n d' fhuair sinn an t-each iarainn
A théid sìos cho samhach
Choimhead air bheil beò dhe 'n t-sìol
A dh'fhàg mi shìos am Màbu.
Far a' robh an t-òigridh grinn
A bha 'sa linn chaidh m' àrach
Tha gach aon dhiubh anns a' chill
A bha 'san tìr a dh'fhàg mi.
'S cha dèan mi 'n obair, 's cha dèan mi 'n obair
Chan urrainn dhomh 'n obair a dhèanadh
Cha òl mi deoch 's chan ith mi biadh
'S an gaol seo 'n déis mo lìonadh.
'S bu tric a choisich mi le sunnd
A-null gu ceann an t-sàile
Far a' faicinn mir' is sunnd
Is sunnd aig Drochaid Mhàbu.
Reference sources:
Mactalla nan Tùr, Rev. A. Maclean Sinclair, Sydney, Nova Scotia (1901), p. 119