GF067I09 'S E FÀTH MO MHULAID Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams Bàrd: Ailean an Ridge , Ailean 'ic Alasdair 'ic Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Allan MacDonald [Séist:] 'S e fàth mo mhulaid bho 'n d' fhàs mi duilich Bhon d' dh'fhàg mi buileach an t-àite. Gur h-ann mu thuath, taobh thall a' chuain Tha 'n t-eilean 'san d' fhuair mi m' àrach. Anns a' mhadainn, 'n àm dhomh dùsgadh Caoidh na dùthaich a dh'fhàg mi Gu bheil mi 'n dùil gu faic mo shùil Gach creag 's gach lùb bha Màbu. Far robh sinn cridheil, 'n àm nam bainnsean Anns an àm a bha sin 'S tric bha sinn ri mire 's sunnd Is danns air ùrlar clàraidh. Nist bho 'n d' fhuair sinn an t-each iarainn A théid sìos cho samhach Choimhead air bheil beò dhe 'n t-sìol A dh'fhàg mi shìos am Màbu. Far a' robh an t-òigridh grinn A bha 'sa linn chaidh m' àrach Tha gach aon dhiubh anns a' chill A bha 'san tìr a dh'fhàg mi. 'S cha dèan mi 'n obair, 's cha dèan mi 'n obair Chan urrainn dhomh 'n obair a dhèanadh Cha òl mi deoch 's chan ith mi biadh 'S an gaol seo 'n déis mo lìonadh. 'S bu tric a choisich mi le sunnd A-null gu ceann an t-sàile Far a' faicinn mir' is sunnd Is sunnd aig Drochaid Mhàbu.