GF067i07 HO RO THA MO RÙN ORT Beulaiche: Calum Eòghainn ‘ic Eòghainn Òig ‘ic Eòghainn Bàn | Malcolm MacLean [Séist:] Ho ro tha mo rùn ort Ged a chuir thu cùl rium 'S ann a tha mo rùn Air a' chaileig dhuibh nach d' thréig mi. 'S deagh bhean bhith tusa Deòir ri mo shùilean A-chaoidh a chur mi cùl riut Mo rùin-sa, cha thréig mi. Beul as binne mànran Cainn as binne cànan Bruidhinn mi air càch thu Gur tràth a thug mi spéis dhut. 'S bu gann a bhiodh ar stòras B' ùr a bhiodh ar sòlas Gach latha mar bu chòir dhuinn An còmhradh a chéile.