Back to recordings

Òran an Eich

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF060i02 ÒRAN EICH


Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams
Bàrd: John H. Henderson



[Séist:] Bheir mi o 's na hi hiù ha
Bheir mi o 's na hi hiù ha
Bheir mi o 's na hi hiù ha
'S e mo dhùthaich a dh'fhàg mi.


Nuair a bha mise an tùs m' òige
Gur ann aig Banntrach Iain Dhòmhnaill
Gur tric a thug i mo leòir dhomh
Dha na chlòbhar a b' àill leam.


Gu robh mise an uair sin
Ris a' churachd aig Ruairidh
B' e siud an duin' uasail
'S gur b' fheàrr gun d' fhuair e gu bràth mi.


Ged tha Bheinn a Deas bhrèagha
Tighinn a-staigh air o fiaradh
Na' faighinn [com-bhitheanta/dham mhianntan?]
'S e tighinn gu Crìochan a' Bhràigh'.


'S e fasan a chleachd mi
Nuair bhiodh Iain a' bualadh
Froise coirce fear sguaban
'S e 'cur [cuachan?] air làmh rium.


Mac an Tòisich am bliadhna
Toirt seòrsa do bhiadh dhomh
Cha toir e beag sìol dhomh
Ged a dh'iarradh mo chàil e.




Notes (fieldnotes):
"A' BHEINN A DEAS = MARBLE MOUNTAIN(John Shaw's subsequent corrrection Marble Mountain = Beinn a Tuath)
CRÌOCHAN A' BHRÀIGHE = GLENDALE (John Shaw's subsequent corrrection CRÌOCHAN A' BHRÀIGHE = Melford)
ROILEIN = SOMEONE WHO DOESN'T KNOW WHAT HE'S DOING."

Johnny Williams
Crìochan Bràigh na h-Aibhneadh | Melford 59 recordings Faic pròifil | view profile