GF060i02 ÒRAN EICH Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams Bàrd: John H. Henderson [Séist:] Bheir mi o 's na hi hiù ha Bheir mi o 's na hi hiù ha Bheir mi o 's na hi hiù ha 'S e mo dhùthaich a dh'fhàg mi. Nuair a bha mise an tùs m' òige Gur ann aig Banntrach Iain Dhòmhnaill Gur tric a thug i mo leòir dhomh Dha na chlòbhar a b' àill leam. Gu robh mise an uair sin Ris a' churachd aig Ruairidh B' e siud an duin' uasail 'S gur b' fheàrr gun d' fhuair e gu bràth mi. Ged tha Bheinn a Deas bhrèagha Tighinn a-staigh air o fiaradh Na' faighinn [com-bhitheanta/dham mhianntan?] 'S e tighinn gu Crìochan a' Bhràigh'. 'S e fasan a chleachd mi Nuair bhiodh Iain a' bualadh Froise coirce fear sguaban 'S e 'cur [cuachan?] air làmh rium. Mac an Tòisich am bliadhna Toirt seòrsa do bhiadh dhomh Cha toir e beag sìol dhomh Ged a dh'iarradh mo chàil e.