Sgrìob gu Banais
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF060i01 SGRÌOB GU BANAIS
Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams
Bàrd: John H. Henderson
[Séist:] Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh
Agus éirigh anns a' mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh.
Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich
'S a bha ruaig aig bruaich mo leaba.
Dhèanainn sùgradh ris a' mhaighdinn
Anns an oidhch' is càch 'nan cadal.
'S fhuair sinn deoch do ruma Flòraidh
'S bu mhór shòlais a bhith againn.
'S nuair ràna sinne àite Mhìcheil
Ruith sinn dìreach air a' chladach.
'S nuair dh'éirich sinn Beinn a' Chruadail
Chaidh an t-each ruadh a chuir 'na dheannan.
Sìos seachad àite a' Bhràighnich
Bha i 'cur soillsean ás na clachan.
'S nuair ràna sinn sìos an còmhnard
Bha na seòid air an talamh.
'S nuair ràna sinn àit' an cléirich
Gu robh ann 'na [place?] an adaig.