GF060i01 SGRÌOB GU BANAIS Beulaiche: Seonaidh Aonghuis Bhig | Johnny Williams Bàrd: John H. Henderson [Séist:] Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh Agus éirigh anns a' mhadainn Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh. Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich 'S a bha ruaig aig bruaich mo leaba. Dhèanainn sùgradh ris a' mhaighdinn Anns an oidhch' is càch 'nan cadal. 'S fhuair sinn deoch do ruma Flòraidh 'S bu mhór shòlais a bhith againn. 'S nuair ràna sinne àite Mhìcheil Ruith sinn dìreach air a' chladach. 'S nuair dh'éirich sinn Beinn a' Chruadail Chaidh an t-each ruadh a chuir 'na dheannan. Sìos seachad àite a' Bhràighnich Bha i 'cur soillsean ás na clachan. 'S nuair ràna sinn sìos an còmhnard Bha na seòid air an talamh. 'S nuair ràna sinn àit' an cléirich Gu robh ann 'na [place?] an adaig.