Back to recordings

Ma Phòsas Mi

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF052i06 Ma Phòsas Mi


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean



’S ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór
Cha phòs, cha taobh, cha ghabh mi té mhór
’S ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór
’S gur beag an té dh’fhòghnas dhomhsa.


Dh’fhalbh mi dha 'n bhaile air seachran gun fheum
Bha fioram is faram aig balaich a’ sreap
’S h-uile fear ’s leannan aige ’ga fhéin
’S bha mise leam fhéin ’s mi ’m ònar.


A’ fasan a bh’ agam gun leannan rium riamh
Nuair gheoghainn droch naidheachd chan fhanainn ri m' bhiadh
'S a leannan a bh’ agam gun deachaidh i triall
’S tha mise am bliadhna ’nam aonranachd.


Na h-ìghneagan uile le 'n dreasa gun mheang
A' sìoda aca uile gun cluinninn a' rann
Bu mhiann ’nar cuideachd ’s e cuidich mi ann
'S chan [dheidheadh?] e ’nam cheann an tòiseach.


Cha ghabh mi ’n té bheag, cha tig i leam fhéin
Nuair théid i dhan leabaidh bidh croit air a druim
'S nuair shìneas i casan, bidh phlaide ’gam dhìth
’S bidh mise leam fhéin ’s mi reòta.


Cha ghabh mi ’n té riasanta, rasanta, ruadh
A chumadh an cogadh ’s am mallachadh suas
Cha bhitheadh i agam airson a cur bhuam
Bidh turas gun bhuaidh dhomh pòsadh.


Cha ghabh mi—’s gun ghabh mi ’n té bheag, gun tig i leam fhéin
’S gun ghabh mi té 'n bheag on a thig i leam fhìn
A dhannsadh gu socair, gun chroit air a druim
Gura math thig a fasan air mullach a cinn
’S gur moladh i mi ri bòidhchead.


Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile