GF052i06 Ma Phòsas Mi Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean ’S ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór Cha phòs, cha taobh, cha ghabh mi té mhór ’S ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór ’S gur beag an té dh’fhòghnas dhomhsa. Dh’fhalbh mi dha 'n bhaile air seachran gun fheum Bha fioram is faram aig balaich a’ sreap ’S h-uile fear ’s leannan aige ’ga fhéin ’S bha mise leam fhéin ’s mi ’m ònar. A’ fasan a bh’ agam gun leannan rium riamh Nuair gheoghainn droch naidheachd chan fhanainn ri m' bhiadh 'S a leannan a bh’ agam gun deachaidh i triall ’S tha mise am bliadhna ’nam aonranachd. Na h-ìghneagan uile le 'n dreasa gun mheang A' sìoda aca uile gun cluinninn a' rann Bu mhiann ’nar cuideachd ’s e cuidich mi ann 'S chan [dheidheadh?] e ’nam cheann an tòiseach. Cha ghabh mi ’n té bheag, cha tig i leam fhéin Nuair théid i dhan leabaidh bidh croit air a druim 'S nuair shìneas i casan, bidh phlaide ’gam dhìth ’S bidh mise leam fhéin ’s mi reòta. Cha ghabh mi ’n té riasanta, rasanta, ruadh A chumadh an cogadh ’s am mallachadh suas Cha bhitheadh i agam airson a cur bhuam Bidh turas gun bhuaidh dhomh pòsadh. Cha ghabh mi—’s gun ghabh mi ’n té bheag, gun tig i leam fhéin ’S gun ghabh mi té 'n bheag on a thig i leam fhìn A dhannsadh gu socair, gun chroit air a druim Gura math thig a fasan air mullach a cinn ’S gur moladh i mi ri bòidhchead.