Back to recordings

Tha mo breacan an-diugh fo'n dìle

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF052i04 THA MO BREACAN AN-DIUGH FO'N DÌLE


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean



[Séist:] Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle
Chan fhaodar innse mar tha e,
Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle.


'S tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean às a' bhàta.


'S tha mo bhreacan gu fliuch, fuaraidh
Chan fhaod mi chuir suas a-màireach.


Is mis' a-màireach 'falbh a sheòladh
'S chan ann air m' eòlas a tha mi.


'Dol a dh'eilean nan eun fiadhaich
'S nach tàinig gin riamh às sàbhailt'.


'S tha na h-ìghneagan an gruaim rium
On a fhuair mi suas a' fàbhar.


Bonaid gorm is ite pheucaige
Claidheamh air 's e fhéin 'ga chargadh.


'S fhuair sinn òrdan á Rìgh Deòrsa,
Giùlan [cuilbhear? /seo?/ Seonaid?] 's còta-sgàrlaid.


'S gur e mise tha fo mhìngean
'S càch den tìm a' dol dha'n bhlàr leinn.


Air dhol seachad luchd na Beurla
'S nach tug [eachaid?] air mo Ghàidhlig.


Dh'ionnainn sinn is Còirneal Mitchell
Bheireadh misneachd dha na Gàidheil.


'S bheir mo shoraidh gu Port Royal
Far am b' òg an d'fhuair mi m' àrach


Far a faighte fiadh air fireach
Shìos gur linne [is innte/filleadh boireann/bàn-righ?]


Far a' faighte crodh air bhuailtean
'S gruagaichean 'gan cuir gu àirigh.


Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile