GF052i04 THA MO BREACAN AN-DIUGH FO'N DÌLE Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean [Séist:] Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle Chan fhaodar innse mar tha e, Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle. 'S tha mo bhreacan air a mhilleadh Aig na gillean às a' bhàta. 'S tha mo bhreacan gu fliuch, fuaraidh Chan fhaod mi chuir suas a-màireach. Is mis' a-màireach 'falbh a sheòladh 'S chan ann air m' eòlas a tha mi. 'Dol a dh'eilean nan eun fiadhaich 'S nach tàinig gin riamh às sàbhailt'. 'S tha na h-ìghneagan an gruaim rium On a fhuair mi suas a' fàbhar. Bonaid gorm is ite pheucaige Claidheamh air 's e fhéin 'ga chargadh. 'S fhuair sinn òrdan á Rìgh Deòrsa, Giùlan [cuilbhear? /seo?/ Seonaid?] 's còta-sgàrlaid. 'S gur e mise tha fo mhìngean 'S càch den tìm a' dol dha'n bhlàr leinn. Air dhol seachad luchd na Beurla 'S nach tug [eachaid?] air mo Ghàidhlig. Dh'ionnainn sinn is Còirneal Mitchell Bheireadh misneachd dha na Gàidheil. 'S bheir mo shoraidh gu Port Royal Far am b' òg an d'fhuair mi m' àrach Far a faighte fiadh air fireach Shìos gur linne [is innte/filleadh boireann/bàn-righ?] Far a' faighte crodh air bhuailtean 'S gruagaichean 'gan cuir gu àirigh.