Ho ro Cha Bhi Mi 'gad Chaoidh na's Motha
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF052i03 HO RO CHA BHI MI 'GAD CHAOIDH NA'S MOTHA
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
[Séist:] Ho ro cha bhi mi 'gad chaoidh nas motha
On thréig thu mi, cha bheag orm thu
Nan tigeadh tu fhathast thu m' aighear 's mo rùn
'S 'nam faighinn do litir gu fruiginn thu a-nunn.
Tha mise 'sa bharan gun chadal gun bhiadh
On dh'fhalbh fear mo thaighe do Chanada an Iar
'S e an dòchas a th' agam 's an tlachd tha mi dhiot
Gun till thu 'san fhasan 's mustache orra [air a] bhial.
'S an té dhubh bh' air an dannsa, 's i a' giulan mo gràidh
Gu robh i cho mì-mhodhail 's a dh'iarr i do làmh
Do litir ag innse cho grinn 's a bha 'm ball
Gun gabh thu do dhìnnear aig Rìgh nam Mohawks
Ghabh thu do dhìnnear gu sìobhalta, suairce
'S gu robh thu cho mìogach 's thu sméìdeadh thu ri d shùil
Na ladies cho lìonmhor le iadhadh mu'd ghlùin
'S ag ràdh 'sa litir nach grinn an gill' ùr.
'S an té dhubh bh' air a' fhroilig a' mhallaich a' sluagh
A' dannsa cho socair 's a' mhogais mu cuaich
A' breith ort air achlais 's 'gad chàradh mu chuairt
Bha sùil aic' gu bràth i am bragair thoirt bhuat.
Notes (fieldnotes):
Local song, author unknown.
Team notes:
Cf. Johnny Williams, "Òran an Taghaidh: Tupper is Boyd," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, June 2, 1978; and Catherine MacDonald, "Tha Mise 'sa Bharran," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, February 16, 1978.