GF052i03 HO RO CHA BHI MI 'GAD CHAOIDH NA'S MOTHA Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean [Séist:] Ho ro cha bhi mi 'gad chaoidh nas motha On thréig thu mi, cha bheag orm thu Nan tigeadh tu fhathast thu m' aighear 's mo rùn 'S 'nam faighinn do litir gu fruiginn thu a-nunn. Tha mise 'sa bharan gun chadal gun bhiadh On dh'fhalbh fear mo thaighe do Chanada an Iar 'S e an dòchas a th' agam 's an tlachd tha mi dhiot Gun till thu 'san fhasan 's mustache orra [air a] bhial. 'S an té dhubh bh' air an dannsa, 's i a' giulan mo gràidh Gu robh i cho mì-mhodhail 's a dh'iarr i do làmh Do litir ag innse cho grinn 's a bha 'm ball Gun gabh thu do dhìnnear aig Rìgh nam Mohawks Ghabh thu do dhìnnear gu sìobhalta, suairce 'S gu robh thu cho mìogach 's thu sméìdeadh thu ri d shùil Na ladies cho lìonmhor le iadhadh mu'd ghlùin 'S ag ràdh 'sa litir nach grinn an gill' ùr. 'S an té dhubh bh' air a' fhroilig a' mhallaich a' sluagh A' dannsa cho socair 's a' mhogais mu cuaich A' breith ort air achlais 's 'gad chàradh mu chuairt Bha sùil aic' gu bràth i am bragair thoirt bhuat.