Dhèanainn Sùgradh ris an Nighinn Duibh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF051i05 DHÈANNAINN SÙGRADH RIS AN NIGHINN DUIBH
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
Bàrd: Iain Mhìcheil 'ic Iain Mhòir 'ic Iain Òig | Captain John MacKinnon
[Séist:] Dhèanainn sùgradh ris an nighean duibh,
Agus éirigh moch 'sa mhadainn,
Dhèanainn sùgradh ris an nighean duibh.
Tha esan, bi e mu falbh DiCiadain,
'S i aig Niall a' dol á Glasbaidh
Cola-deug gu air a' bhòn-dé
Sheòl mi le Seònaid á Sasann.
'S a' Rìgh bu bhrèagha leam bhith 'ga stiùireadh,
'S a sneachd air mo dhùirn 'na fhrasan.
Chuir mi riof a-staigh 's a' mhainsail,
'S am bòma, [b' ann a?] reòthadh fo'm chasan.
'S gur e 'n t-ainm bhios oirr' "am prow"
Is beat i an greyhound á Sasann.
Théid mi sìos gu Main-à-Dieu
Ri fear a' faighinn iùbhrach [abach?]
Théid mi sìos le Peter Fhrangaich,
Fear a faigh mi a' bhranndaidh pàillt' ann.
Bheir mi a-nuas gu luchd [na Dhaibhaidh?]
Far am faigh na cairdean pàillteas.
Cha bhi mi gu caora dhùrach,
Gheibh thu airson caora casg dheth.