GF051i05 DHÈANNAINN SÙGRADH RIS AN NIGHINN DUIBH Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Bàrd: Iain Mhìcheil 'ic Iain Mhòir 'ic Iain Òig | Captain John MacKinnon [Séist:] Dhèanainn sùgradh ris an nighean duibh, Agus éirigh moch 'sa mhadainn, Dhèanainn sùgradh ris an nighean duibh. Tha esan, bi e mu falbh DiCiadain, 'S i aig Niall a' dol á Glasbaidh Cola-deug gu air a' bhòn-dé Sheòl mi le Seònaid á Sasann. 'S a' Rìgh bu bhrèagha leam bhith 'ga stiùireadh, 'S a sneachd air mo dhùirn 'na fhrasan. Chuir mi riof a-staigh 's a' mhainsail, 'S am bòma, [b' ann a?] reòthadh fo'm chasan. 'S gur e 'n t-ainm bhios oirr' "am prow" Is beat i an greyhound á Sasann. Théid mi sìos gu Main-à-Dieu Ri fear a' faighinn iùbhrach [abach?] Théid mi sìos le Peter Fhrangaich, Fear a faigh mi a' bhranndaidh pàillt' ann. Bheir mi a-nuas gu luchd [na Dhaibhaidh?] Far am faigh na cairdean pàillteas. Cha bhi mi gu caora dhùrach, Gheibh thu airson caora casg dheth.