GF051i04 DH’FHALBH MO RÙN ‘S DH’FHÀG E ‘N CALA Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Tar-Sgrìobhadh: Iain Seathach | John Shaw Dh’fhalbh mo rùn ‘s dh’fhàg e ‘n cala Dh’fhalbh mo rùn o hi iù Thog e shiùil ris na crannaibh Dh’fhalbh mo rùn ‘s dh’fhàg e ‘n cala 1. Dh’fhalbh mo leannan bhuam am bliadhna ‘S e ‘ga riasladh aig na Gallaibh 2. Dh’fhalbh mo leannan bhuam a dh’Éirinn ‘S as a dhéidh cha bhi mi fallain 3. Dh’fhalbh mo leannan bhuam a dh’Ìle Air long rìomhach nan trì chrannaibh 4. Ach ma dh’fhalbh thu air a’bhàta Dia ‘gad shàbhaladh gu cala 5. ‘S thig a’bhonaid ghorm ri fàbhar Ait fear àrd nan sùilean meala 6. ‘S chan eil taobh dha’n toir a’ghaoth e Ma dh’fhaodas e gheobh e leannan 7. Dh’fhalbh mi ‘na mo nidheanag ghòraich ‘S ghabh mi seòladair mar leannan 8. ‘S a mhnathan na tugaibh beum dhomh Ged a thug mi spéis dha’n mharaich’ 9. ‘S gìomanach a’ghunna bhòidhich Leagadh tu na h-eòin ‘s air mheangan 10. Gìomanach a’ghunna chaoil thu Nuair chaogadh tu an t-sùil ‘s a’mhala 11. Chuala mi gun d’rinn thu réiteach Mur e ‘bhreug a rinn iad aithris 12. Chuala mi gun d’rinn thu pòsadh ‘S cha d’ dheònaich thi mi gu d’ bhainis