Back to recordings

Air Deoch-Slàinte a' Ghàidheil Ghasda

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF051i03 AIR DEOCH-SLÀINTE A' GHÀIDHEIL GHASDA


Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean



’S air deòch-slàinte a’ Ghàidheil Ghasda
Ghabh an t-aiseig far a’ chuain
Mo dhùrachd thu thilleadh dhachaidh
Ri passage fas ri deagh bhuaidh.


Thàinig iad thugainn an taobh seo
Thoirt cliù air an eilean thall
Thoirt naidheachd dhuinn air ar càirdean
Is gach àite an robh 'ad ann.


Dòmhnallach ri gabhail do shloinneadh
['Ille thall air chùl?] nan geug
Aig am biodh na luing as làidir
Dol air sàille le fear threun.


Bheir sinn suairceanas do bhratach
Leòmhann bradan is làmh dhearg
Tha e sgrìobht' agaibh mar thacsa
Taigh mór fasan `ad ga moladh.


Soilleir `s`ad dheth fear an fhearainn
Gu bhith an fhear gu falainn buan
A dh’ionnsaigh an eilein ìosal
Far nach [chì-sa?] idir sluagh.


'S b’ fhèarr leam gun tigeadh tu dhachaidh
Cùpan bhanal an deagh bheus
Aig a bheil na h-iorlan rìoghail
Bha na rìbhinn aca fhéin.


’S mi bha deònach 'dol ’nur còmhdail
Fhir bha sònraicht' a’s gach uair
An tuigse-sa [mus na foghlam/'mach 'sa Phòlainn?]
[Ruitheadh...coir??/ còmhl' ri dhiùltach…bhuaibh?]


Fear [a’ faightear?] iasg gus àran
Meas air [chola?], pailteas làn
[Aon a gheibheadh sinn 's/Dh’ionnainn thu ris?] gach duine
’S cha bhiodh uireas oirnn r' ar beò.
Dhiùltar fìon air tighinn air feadh ann
Dhiùltar mil air bhàrr an [oinn/fhuinn?]
Craobhan ri 'm pear 's ri 'n ùbhlan
’S am bàrr a’ lùbadh gu 'm bonn.

Margaret MacLean
Baghasdal | Boisdale 50 recordings Faic pròifil | view profile