GF051i03 AIR DEOCH-SLÀINTE A' GHÀIDHEIL GHASDA Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean ’S air deòch-slàinte a’ Ghàidheil Ghasda Ghabh an t-aiseig far a’ chuain Mo dhùrachd thu thilleadh dhachaidh Ri passage fas ri deagh bhuaidh. Thàinig iad thugainn an taobh seo Thoirt cliù air an eilean thall Thoirt naidheachd dhuinn air ar càirdean Is gach àite an robh 'ad ann. Dòmhnallach ri gabhail do shloinneadh ['Ille thall air chùl?] nan geug Aig am biodh na luing as làidir Dol air sàille le fear threun. Bheir sinn suairceanas do bhratach Leòmhann bradan is làmh dhearg Tha e sgrìobht' agaibh mar thacsa Taigh mór fasan `ad ga moladh. Soilleir `s`ad dheth fear an fhearainn Gu bhith an fhear gu falainn buan A dh’ionnsaigh an eilein ìosal Far nach [chì-sa?] idir sluagh. 'S b’ fhèarr leam gun tigeadh tu dhachaidh Cùpan bhanal an deagh bheus Aig a bheil na h-iorlan rìoghail Bha na rìbhinn aca fhéin. ’S mi bha deònach 'dol ’nur còmhdail Fhir bha sònraicht' a’s gach uair An tuigse-sa [mus na foghlam/'mach 'sa Phòlainn?] [Ruitheadh...coir??/ còmhl' ri dhiùltach…bhuaibh?] Fear [a’ faightear?] iasg gus àran Meas air [chola?], pailteas làn [Aon a gheibheadh sinn 's/Dh’ionnainn thu ris?] gach duine ’S cha bhiodh uireas oirnn r' ar beò. Dhiùltar fìon air tighinn air feadh ann Dhiùltar mil air bhàrr an [oinn/fhuinn?] Craobhan ri 'm pear 's ri 'n ùbhlan ’S am bàrr a’ lùbadh gu 'm bonn.