Ho ro tha mi fo aithreachas
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF050i05 HO RÒ THA MI FO AITHREACHAS
Bàrd: Alex Steele
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean
Ho rò tha mi fo aithreachas
Mun ghamhainn rinn mi cheannach bhuat
Alasdair Grànnda sìol na mèirle
Thug [an tràill mo?] char asam.
Chuir thu orm bhith slaightearachd
Gun gamhainn ruadh 's gum b' oillte [leat/agad?]
'S ioma ploc a chuir mi 'n àirde
Ann am màs an oillt'-fhear mhòir.
Thug mi còrr is ràithe
Ga bhiathadh air buntàta
Madainn dha na chaidh mi suas
Gun d'fhuair mi cruaidh sa bhàthaich e.
Ach chan eil h-aon sa phrovince seo
A h-aon a tha cho leòmach leat
'S tu mar [bhòcan/phocan?] làn de dh'fheusaig
Feuchainn ris a' rògaireachd.
Thug mi bliadhna còmhla riut
Ag ionnsachadh na rògaireachd
'S ged bhithinn còmhla leat gu sìorraidh
Chan ionnsaichinn dòigheil i.
Chailleadh làir mo nàbaidh-sa
Is dh'fhalbh thu air a [shàileadh/ shàilleabh?]-se
Thug thu dhith na cruidhean cinn
Is gun d' chuir thu air a' làiridh iad.
Chan fhaod do bhean pòg thoirt bhuat
Ri faidead nan ròineagan
Frioghain liath' a' fàs fo d' bheul
'S gun dèanadh 'ad d' fhiacaill gròbadh dhut.
Team notes:
Cf. Margaret MacLean, "Hòro tha mi fo aithreachas," Mr MacDonald, Mrs Maclean, Jim R. Morrison and Joe Gillis, Cluas ri Claisneachd.